Jump to content

Siùrsachd

O Uicipeid
Obraiche-drùise ann an taigh-strìopachais Gearmailteach.

Tha siùrsachd, no strìopachas, 'na reic de frithealadh na drùise, mar feis na beòil no cleamhnas. 'S e siùrsach/strìopach a th' ann an duine a' reic frithealadh na drùise, seòrsa de obraiche-drùise. Ann an cleachdadh nas coitchinne an facail, bidh neach sam bith a' reic a fhrithealadh/frithealadh ri ceann-fàth a th' air smaoineachadh a bhith neo-airidh air fhaicinn ri ga dhèanamh/dèanamh strìopach fhèin. 'San RA, 's e siùrsach a th' ann an neach sam bith, "gun ceadaich a chorp/corp a bhith air chleachdadh ri adhbharan draosta ann am malairt ri dìoladh".

Sealladh agus comharrachaidhean

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged tha strìopaichean agus an luchd-dèilige a' riochdachadh uile seòrsa is uile suidheachadh-miann, 's e fireannaich a th' anns a' chuid as motha nan luchd-dèilige. Tha strìopachas air dhiùltadh leis a' chuid as motha nam creideamhan cho mì-chiatach no/agus peacach, agus tha strìopaichean air smaoineachadh a bhith nàireach no daoine de inbhe ìosal sa' chuid as motha nam comainn; ann an roinn nan dualchasan, th' am luchd-dèilige gu tric air choimhead sìos air cuideachd ach tha iad air fhulang ri ìre nas motha na an t-siùrsach.

Strìopachas sràide

[deasaich | deasaich an tùs]
Faidhle:Whore-smaller.gif
Strìopach sràide an dlùth-chlòdha; mar as trice chan iad cho spairisteach ri seo.

'San strìopachas sràide, aslaichidh an strìopach luchd-ceannachd fad a fuireach aig oisnean nan sràidean no coiseachd ri taobh na sràide, mar as trice le aodach gann, brosnachadh uime/uimpe. Gu tric tha an strìopach (gu cumanta air chantainn ri "luid", "reipseach", or "sràideag" gam comharrachadh bho h-obraichean-drùise eile) a' nochdadh a cumail a sròn 'na ghnothach/gnothach fhèin is fuirichidh e/i dhan neach-ceannachd a thòiseachadh cur fios thuige/thuice. Ann an cuid no gu h-iomlan air an adhbhar an cleamhnais. Tha an obrachadh dèanta sa' chàr an neach-ceannsachd no ann am caol-shràid dhlùth no ann an seòmar air mhàl(gabhaidh seòmraichean màl leis an uair làn no leth-uair màl taighean-òsda gum beir frithealadh ri strìopaichean).

Turasachd-drùise

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e turasachd, ann an cuid no gu h-iomlan air an adhbhar an cleamhnais, mar as trice le strìopaichean, a tha turasachd-drùise. 'S e cinn-siubhail na turasachd-drùise a tha dùthchannan bochda cinn-siubhail, far a brùthaidh bochdainn daoine a-steach do strìopachas. Tha na dùthchannan seo eisimpleirean: Thailand, Vietnam, Meagsago, Philippines, Cuba agus A' Bhreasail. Tha Cambodia ceann-siubhail suaicheanta air a fhàs ri pàisde-mhiannaich agus tha Argentina an-dràsda dachaigh ri sluagh cudthromach nan slaightearan, a th' ann imrich air a dhol dhan tairbhe an peuso shaoir agus an cothrom air a' ghabhail-brath na drùise gum beir an bathar-iùlachd air ìsleachadh Argentina dhaibh.

Cleachdaidh roinn nan pàisde-mhiannaich turasachd-drùise a dh'fhaighinn rathad ri cleamhnas le daoine-cloinne nach eil ri fhaighinn 'san dùthaich an eòlas. Eagraichidh na turasaichean-drùise fhèin air roinn nan làraich-lìn far a nì iad spaglainn air am buaidhean, codaichidh dealbhan an ìobairtich, bruidhinnidh comhairle air cleamhnas le fir, mnathan agus daoine-cloinne ann an dùthchannan cèine aig a' mheas as fheàrr agus ciamar a sheachnadh lorgadh a-mach aig an taigh agus thall thairis. Ged tha a' chuid as motha nan dùthchannan le gnìomhachas mòr na turasachd-drùise ag obrachadh a lughdachadh no casgadh turasachd-drùise, tha na turasaichean-drùise rèidh air a thoirt a chur air adhart am cùis. Tha bailtean mar Angeles 'sna Pilippinean agus Pattaya 'san Thailand air thoirt thairis gu bhith gu h-iomlan ri Goill gun tèid ann a cheannach sochair-drùise, araon laghail agus mì-laghail.

Gu nuadh, tha iomadh dùthaich an Siar laghan air a reachdachadh le ruigheachd ri dùthchannan eile a pheanasachadh luchd-dùthcha gun, cho turasaichean-drùise, pàirtich ann an cleamhnas le òganaich ann an dùthchannan eile. Tha na laghan seo gu h-ainneamh air thoirt gu buil do bhrìgh thèid an droch-ghnìomh neo-fhoillsichte. [1] [2] [3]

Ainneart an aghaidh strìopaichean

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha strìopach gu tric na h-ìobairtich de cionnt ainneartach. [4] Gabhaidh ciontaichean a-staigh luchd-dèilige ainnteartach, strìopairean, agus maoir-sìthe truaillte. 'S e targaidean na lean-mharbhaichean a th' anns na strìopaichean (gu h-àraidh na luchd an sàs ann an strìopachas sràide), oir chì iad strìopaichean ri targaidean furasta, no cleachdaidh iad an neul cràbhach agus comannach co-ceangailte ri strìopaichean cho bonn air a' mharbhadh. A bhith 'nam slaoightearan fhèin, chan eil strìopaichean cho coltach na na luchd-laghail a bhith air rannsachadh leis na maoir-sìthe nuair thèid iad às an t-sealladh, gan dèanamh ìobairtich a' bhruid de lean-mharbhaichean. Leis a' ghnàths na h-oibre, thèid strìopaichean leis na luchd-dèilige gu dìomhair (a sheachnadh dragh às na maoir-sìthe) ri h-àiteachan far an nach cuir neach casg orra, mar sin gan dèanamh glè sho-leònte ri fir cunnartach. Rinn Robert Pickton, fear na Canada a dh'fhuirich dlùth ri Vancouver, naidheachd an dèidh dhan lorgadh nam cuirp de iomadaidh strìopaichean a bha ollanaichte air a tuathanas. An-dràsda 's e fon casaid nam mort de fichead mnaoi 's a seachd bhon raon Vancouver.

Suidheachadh san Roinn-Eòrpa

[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil e ceadaichte an gnothach seo a shireadh ann an corra dhùthaich.[1]

Dùthaich Reic na Feòla Ceannachd na Feòla Solar Cìsean/Peinsean
A' Bheilg Ceadaichte Ceadaichte Neo-cheadaichte Chan eil fios ann
An Danmhairg Ceadaichte Ceadaichte Neo-cheadaichte Air a chìseachadh
Eastòinia Ceadaichte Ceadaichte Neo-cheadaichte[2] Chan eil fios ann
Suòmaidh Ceadaichte Ceadaichte Neo-cheadaichte Chan eil fios ann
An Fhraing Ceadaichte Ceadaichte Chan eil fios ann Chan eil fios ann
A' Ghrèig Bidh e ceadaichte. Ceartachaidhean slàinte an lùib. Ceadaichte Chan eil fios ann Chan eil fios ann
Èirinn Ceadaichte ann an àiteachan neo-phoblach Ceadaichte ann an àiteachan neo-phoblach Neo-cheadaichte Chan eil fios ann
An Eadailt Ceadaichte Ceadaichte Neo-cheadaichte[3] Chan eil fios ann
An Laitbhe Ceadaichte, le ceartachaidhean slàinte gach mìos Ceadaichte Neo-cheadaichte[4] Chan eil fios ann
Lucsamburg Ceadaichte Ceadaichte Neo-cheadaichte Le còirichean sochairean sòisealta fhaighinn
Na Tìrean Ìsle Ceadaichte Ceadaichte Laghail ach le cead Feumaidh na siùrsaich cìsean a phàigheadh ach 's urrainnear sochairean sòisealta fhaighinn. Tuarastail a' dol dhan pheinsean. Ceartachaidhean slàinte ceangaltach.
A' Phòlainn Ceadaichte Ceadaichte Neo-cheadaichte Chan eil fios ann
A' Phortagail Ceadaichte Ceadaichte Neo-cheadaichte[5] Chan eil fios ann
An Spàinn Ceadaichte Ceadaichte Neo-cheadaichte[6] Chan eil fios ann
Breatainn Ceadaichte Ceadaichte, ach chan fhaodar ga iarraidh. Neo-cheadaichte Chan eil fios ann
An t-Suain Ceadaichte Neo-cheadaichte Neo-cheadaichte Möjlighet att få F-skattesedel för den lagliga verksamheten att sälja sexuella tjänster. Skatteplikt (preliminära skatter och sociala avgifter) föreligger då för inkomsterna och därmed rätt till socialförsäkring och pension. (A-skatt kan ej beviljas då "anställning" för prostitution förutsätter brott mot kopplerilagen).
A' Ghearmailt Ceadaichte Ceadaichte Laghail ach le cead Feumar cìsean a phàigheadh ach 's urrainnear sochairean sòisealta fhaighinn
An Ungair[7] Ceadaichte Ceadaichte laghail Feumaidh na siùrsaich cìsean a phàigheadh ach 's urrainnear sochairean sòisealta fhaighinn
An Ostair Ceadaichte Ceadaichte Laghail Ceadaichte airson nan sochairean sòisealta

Boireann-dligheachas

[deasaich | deasaich an tùs]

Do bhrìgh tha a' chuid as motha nan strìopaichean 'nam mnathan, tha strìopachas 'na cùis chudthromach 'sna smuaintean 's luchd-dèanadais na boireann-dhligheachas. Chruinnich luchd-beanalachd a chunnaic obraichean-drùise cho co-mhnathan airidh air còraichean is saoradh na miann le obraichean-drùise fhèin a chruthachadh na h-eagrachaidhean mocha na gluasad nan obraichean-drùise mar an Buidheann Strìopaichean Astràilia. Dh'fhàs na buidhnean seo a-steach dhan ghluasad nan obraichean-drùise an-dràsda.

Sa' bhuidhnean eile, thagair ùghdaran mar Andrea Dworkin, a bha 'na strìopach fhèin, 'san deichead 1980 gu bheil drùis mhalairteach 'na h-èigneachadh air thoirt gu buil le bochdainn (agus gu tric ainneart fosgailte le drùisirean). Diùltadh luchd-tairgse an smuain gum bi siùrsachd air leasachadh. Bha air stiùireadh leis a' bheachd seo an lagh 1999 na t-Suaine toirmisgeadh an ceannsach (ach chan eil an reic) na drùise. 'San t-Suain o chionn an leasachadh nan laghan, tha obraichean-drùise a-steach do ìre iomrallach air chur air a bhith, air brùthadh a-mach air na sràidean, air a fhàs obraichean nan falbhan a' leantainn an gluasad de bàtaichean, slighean-siubhail mar na trèanaichean, agus àiteannan eile far a coinnichidh iad an luchd-dèilige. Do bhrìgh an mì-laghaileachd nan luchd-dèilige 'san Suain, thèid roinn nan luchd-dèilige thar na crìche ri dùthchannan dlùtha a rannsachadh obraichean-drùise, agus tha seo 'san Suain na prìsean sìos air a bhrùthadh.

Tha Sheila Jeffreys, neach-oilthigheach allail aig an Oillthigh na Melbourne 'san Astràilia, a' tagradh gun fulaing obraichean-drùise bho co-fhiosrachd meallta agus air an fhìrinn sin feumaidh obraichean-drùise a' bruidhinn de fiosrachadh math sam bith ann an obair-drùise air mhì-chreidsinn a bhith. 'S cur an aghaidh seo ri a tairgse 'na leabhar an deicheid 1990 'Droch-Chreideamh Leasbach' a tha a' tagradh gum bu chòir do h-uile bean air chreidsinn a bhith. Bhuilich Jeffreys ri sgàineadh sìos ùr agus an dèanamh lochdach de h-uile taigh-strìopachais 'san stàid Astràilianach de Tasmàinia agus tha i a' cur taic ris a' bhuidheann na h-imriche an aghaidh obraichean-drùise, Ionnsaigh Meas, àitheanta am measg nan obraichean-drùise cho "Ionnsaigh Mhì-mheas".

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Sverige Dagsblat
  2. State
  3. State
  4. State
  5. State
  6. State
  7. Washington Post
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: