Jump to content

Stendhal

O Uicipeid
Stendhal
auditor at the Conseil d'État (en) Translate

1810 - 1814
Consul of France (en) Translate

17 dhen Ghiblean 1831 - 22 dhen Dàmhair 1841
Beatha
Ainm slàn Marie-Henri Beyle
Breith Grenoble, 23 dhen Fhaoilleach 1783
Dùthaich  An Fhraing
Ciad chànan Fraingis
Bàs Paris, 23 dhen Mhàrt 1842
Àite-adhlacaidh cladh Montmartre
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (stròc)
Teaghlach
Athair Chérubin Beyle
Màthair Henriette Gagnon
Cèile no value
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Cànain Fraingis
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, fèin-bheatha-eachdraiche, sgrìobhadair leabhair-latha, beatha-eachdraiche, nobhailiche, dioplomat agus art historian (en) Translate
Obraichean comharraichte Le Rouge et le Noir
La Chartreuse de Parme
On Love (en) Translate
Memoirs of an Egotist (en) Translate
Mémoires d'un touriste (en) Translate
Vanina Vanini (en) Translate
Lucien Leuwen (en) Translate
Armance (en) Translate
The Life of Henry Brulard (en) Translate
Rome, Naples and Florence (en) Translate
Racine and Shakespeare (en) Translate
Italian Chronicles (en) Translate
Q17358554 Translate
Duaisean a fhuaras
Gluasad fìorachas
romantaigeachd
Far-ainmean Stendhal, Henri Stendhal, Stendalis, Louis Alexandre Bombet, Anastase de Serpière, Don Flegme, William Crocodile agus Dominique
Gnè ealain psychological novel (en) Translate
Creideamh
Creideamh neo-dhiadhaireachd
IMDb nm0826543

B' e ùghdar Frangach a bh' ann am Marie-Henri Beyle (23 Faoilleach 1783 - 23 Màrt 1842) neo Stendhal (IPA: stɑ̃dal) mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e. Sgrìobh e tron chiad leth den 19mh linn. Sgrìobh e nobhailean, aistean agus leabhraichean air ealain agus eachdraidh.

Rugadh e ann an Grenoble air an 23mh latha dhen Fhaoilleach 1783 agus chaochail e ann am Paris air an 23mh latha dhen Mhàrt 1842.[1]

Sgrìobh e na nobhailean Le Rouge et le Noir (1830), La Chartreuse de Parme (1839) agus Lucien Leuwen (nach do chrìonaich e). Thathar dhen bheachd gu bheil a chuid bildungsroman (nobhailean ionnsachaidh) a cheart cho cudromach ris na sgrìobh Honoré de Balzac, Victor Hugo, Gustave Flaubert agus Émile Zola, seach gur e fear dhe na sgrìobhadairean Frangach a bu chliùitiche den 19mh linn a bh’ ann. Lorgaidh Stendhal “am fìoras, am fìoras searbh” anns na nobhailean aige, a sgrìobh e ann an nòs caomhnach dùinte, làn sgrùdaidhean eòlais-inntinn. 'S e sgeulachdan mu dheidhinn òganaich romansach beothail, làn faireachdainnean is leis a’ ghlòir na inntinn, a th’ anns a’ mhòr-chuid dhe na leabhraichean a sgrìobh Stendhal.

Chleachdadh e tòrr ainmean pinn, mar eisimpleir Louis-Alexandre Bombet et Anastase de Serpière a bharrachd air Stendhal agus Stendalis.[1][2] Thòisich e a’ sgrìobhadh leabhraichean air ealain mar L'Histoire de la peinture en Italie, (Gàidhlig: Eachdraidh a’ Pheantaidh anns an Eadailt), a nochd 1817 fon ainm 'Beyle'. Ach chleachd e an t-ainm “Mgr. Stendhal, oifigear eachraidh” (Fraingis: ”M. de Stendhal, officier de cavalerie”) san dearbh bhliadhna nuair a dh'fhoillsich e Rome, Naples, Florence.[3] Fhuair e an t-ainm pinn sin bhon bhaile Stendal anns a’ Ghearmailt, far an do rugadh Johann Joachim Winckelmann, àrc-eòlaiche, fear-eachdraidh agus aistear air cuspairean ealaine. Dh'fhuirich Stendhal faisg air a' bhaile sin eadar 1807 agus 1808 nuair a bha e a’ sùgradh Wilhelmine de Grisheim. Chuir e an litir H anns an ainm airson gum biodh coltas na bu Ghearmailtiche air, leis gu robh e ag iarraidh gum bìte ga fhuaimneachadh mar 'Standhal'.[4]

Bha e san Arm eadar 1800 agus 1802.[3] Chaidh e a dh'obair airson seirbheis chatharra na Frainge ann an 1810, agus ri linn sin, lean e Napoleon anns an Iomairt an aghaidh na Ruis ann an 1812.[3] Bha e uabhasach dèidheil air ealain agus air an Eadailt is rinn e tòrr tursan an siud.

Sgrìobhaidhean

[deasaich | deasaich an tùs]

Foillsichte rè a bheatha

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 Stendhal (1783-1842)(Fraingis). Bibliothèque national de France. Air a thogail 20mh dhen Ghiblean 2017.
  2. L'année Stendhal, Volume 4, p. 203
  3. 3.0 3.1 3.2 Biographie de Stendhal(Frangais), td. 2. Studyrama. Air a thogail 20mh dhen Ghiblean 2017.
  4. Stendhal et l'Europe