Sgìreachd-easbaig Hólar
Hólabiskupa Sgìreachd-easbaig Hólar | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 1106 agus 1919 |
Dùthach | Innis Tìle |
Creideamh | Lùtaireachd |
Eaglais | Eaglais Chaitligeach (1106 - 1552), Þjóðkirkjan 1552 |
'S e sgìreachd-easbaig, oilthigh agus làrach eachdraidheil 's a th' ann an Hólar.[1] Tha e suidhichte ann an ceann a tuath Innise Tìle, ann an gleann air a bheil Hjaltadalur, san roinn Norðurland vestra (Roinn an Iar-thuath). Tha an t-ainm a' ciallachadh Cnocan sa chànan aca, bho hol (cnoc). Ghabh an dùthaich ri Criosdaidheachd anns an 11mh Linn, pròiseas ris an canadh Kristnitakan (Gàidhlig: Crìosdachadh Innis Tìle).[2] Chuireadh air dòigh dà sgìreachd-easbaig, Skálholt faisg air Selfoss ann an 1056, a tha suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha agus Hólar fhèin, ann an 1106. Chuireadh Hólar ri chèile le Skálholt ann an aon sgìreachd-easbaig nàiseanta ann an 1801. Chaidh eaglais a thogail ann an Hólar goirid às deidh na ràinig Crìosdaidheachd dhan dùthaich. Thogadh sgoil an seo anns na meadhann aoisean agus on latha seo 's e àite far an robh agus far a bheil sgoilearachd gu math làidir gus an latha an-diugh. Tha Colaiste Oilthigh Hólar a-measg nan oilthighean nas fhèarr na dùthcha.[3]
Easbaigean
[deasaich | deasaich an tùs]Seo na easbaigean a bh' ann fhad 's a bha an dùthaich fhathast fo sgàil na h-Eaglaise Chaitligiche.
- 1106–1121: St. Jón Ögmundsson
- 1122–1145: Ketill Þorsteinsson
- 1147–1162: Björn Gilsson
- 1163–1201: Brandur Sæmundsson
- 1203–1237: Guðmundur góði Arason
- 1238–1247: Bótólfur
- 1247–1260: Heinrekur Kársson
- 1263–1264: Brandur Jónsson
- 1267–1313: Jörundur Þorsteinsson
- 1313–1322: Auðunn rauði Þorbergsson
- 1324–1331: Lárentíus Kálfsson
- 1332–1341: Egill Eyjólfsson
- 1342–1356: Ormr Ásláksson
- 1358–1390: Jón skalli Eiríksson
- 1391–1411: Pétur Nikulásson
- 1411–1423: Jón Henriksson
- 1425–1435: Jón Vilhjálmsson
- 1435–1440: Jón Bloxwich
- 1441–1441: Róbert Wodbor
- 1442–1457: Gottskálk Keneksson
- 1458–1495: Ólafur Rögnvaldsson
- 1496–1520: Gottskálk grimmi Nikulásson
- 1524–1550: Jón Arason
Easbaigean Lùtaireach
[deasaich | deasaich an tùs]Seo liosta nan easbaigean on a ghabh an dùthaich ri Lùtaireachd.
- 1552–1569: Ólafur Hjaltason
- 1571–1627: Guðbrandur Þorláksson
- 1628–1656: Þorlákur Skúlason
- 1657–1684: Gísli Þorláksson
- 1684–1690: Jón Vigfússon
- 1692–1696: Einar Þorsteinsson
- 1697–1710: Björn Þorleifsson
- 1711–1739: Steinn Jónsson
- 1741–1745: Ludvig Harboe
- 1746–1752: Halldór Brynjólfsson
- 1755–1779: Gísli Magnússon
- 1780–1781: Jón Teitsson
- 1784–1787: Árni Þórarinsson
- 1789–1798: Sigurður Stefánsson
Easbaigean Nàiseanta
[deasaich | deasaich an tùs]- 1909–1927: Geir Sæmundsson
- 1928–1937: Hálfdán Guðjónsson
- 1937–1959: Friðrik J. Rafnar
- 1959–1969: Sigurður Stefánsson
- 1969–1981: Pétur Sigurgeirsson
- 1982–1991: Sigurður Guðmundsson
- 1991–2002: Bolli Gústavsson
- 2003–2012: Jón Aðalsteinn Baldvinsson
- 2012–present: Solveig Lára Guðmundsdóttir