Jump to content

Sfântu Gheorghe

O Uicipeid
Sfântu Gheorghe
Sepsiszentgyörgy
Sankt Georgen
סנט דזשארדזש
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Covasna
Co-chomharran 45° 51 49' Tuath
25° 47 15' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 49.3 km²
Àireamh-shluaigh 56,006 (2011)
Dlùths 1,136.02/km²
Àireamh fòn +40 02 67
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr eadar Braşov agus Miercurea Ciuc, ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann an Sfântu Gheorghe (IPA: ˈsfɨntu ˈɡe̯orɡe, Ungairis: Sepsiszentgyörgy, IPA: ˈʃɛpʃisɛɲɟørɟ, Gearmailtis: Sankt Georgen, Iùdais: סנט דזשארדזש). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Olt, aig 555m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Covasna. Tha 56,006 duine a' fuireach ann.[1]

'S ann às na facail airson Naomh (Sfântu/Szent/Sankt/סנט) agus Seòras (Gheorghe/György/Georg/ דזשארדזש) anns gach uile cànan na sgìre 's a tha ainm a' bhaile.[2] Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1332 mar Sancto Georgio. Bhuinneadh am baile dhan Phrionnsalachd Transsilvania bho 1541 gu ruige 1699.[3] Chaidh am baile ainmeachadh na ghearastan le Maria Theresa ann an 1764. Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1922 - far an robh e na phrìomh-bhaile na Siorrachd Háromszék - gus a ghabh Romàinia os làimh e. Stèidhich A' Ghearmailt Nàsach ghetto Iùdhach an seo, mar phàirt an Uile-losgaidh.[4]

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Institutul Național de Statistică.
  2. Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, Bucharest, 1963.
  3. Gerald Volkmer, Das Fürstentum Siebenbürgen (1541-1691). Außenpolitik und völkerrechtliche Stellung, Arbeitskreis für Siebenbürgische Landeskunde Heidelberg, 2002.
  4. Muzeul Memorial al Holocaustului din Transilvania de Nord