Rèile na h-Alba
Rèile na h-Alba | |
---|---|
Trèana Rèile na h-Alba aig Dùn Èideann Waverley | |
Dùthaich | Alba |
Àitichean eile | Cathair Luail, An Caisteal Nuadh |
Cabhlach | 309 |
Stèiseanan-rèile | 336 |
'S e Companaidh Obrachaidh Trèanaichean aig Riaghaltas na h-Alba a tha ann am Rèile na h-Alba. Tha iad ag obrachadh seirbheis rèile ann an Alba agus seirbheis bho Alba gu Sasainn a Tuath. B' e ScotRail an t-ainm air an t-seirbheis rèile ann an Alba eadar 1997 is 2004 ach a' chòir bha air dìoladh gu am First Group. A-nis tha ìomhaigh dhà-chànanach aig ScotRail agus 's e "Rèile na h-Alba" an t-ainm Ghàidhlig a th' air.
Bhuannaich a' chompanaidh Duitseach Abellio an ceadachas seo ann an 2014.[1] Thill Rèile na h-Alba dhan riaghaltas ann an 2022 an dèidh do 25 bliadhnaichean mar cheadachas prìobhaideach.[2]
Loidhnichean
[deasaich | deasaich an tùs]Tha loidhnichean astar fada, spàladair agus dùthchail aig Rèile na h-Alba.
Prìomh Loidhnichean
[deasaich | deasaich an tùs]Tha trèanaichean-luath a' ruith eadar Dùn Èideann, Glaschu, Obar Dheathain, Inbhir Nis agus Dùn Dèagh. Tha Prìomh Loidhne na Gàidhealtachd a' ceangal Inbhir Nis leis a' Dheas.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ BBC: ScotRail franchise: How will Abellio del change Scotland's railways? (Beurla). Air a tharraing 23 an Gearran 2016.
- ↑ “ScotRail goes back into public ownership”, BBC News. 1d dhen Ghiblean 2022. Air a thogail 1d dhen Ghiblean 2022.