Jump to content

Quechua

O Uicipeid
Quechua
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

8m – 10m

Teaghlach-chànan

Quechua 1

Siostam-litreachaidh Aibidil Laideann
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na chànan oifigeil Pearù, Boilibhia
'Ga riaghladh le Gun riaghladh
Còdan Cànan
ISO 639-1 qu
ISO 639-2 que
ISO 639-3 que
Roinnean far a bheil Quechua ga bruidhinn

'S i Quechua no Quichua (Runasimi) an cànan, no teaghlach chànan, a bhruidhneas leis an t-sluagh Quechua. Tha i ga bruidhinn ann am Pearù, Boilibhia, Eacuador, An Argantain, An t-Sile agus Coloimbia, gu h-àraidh anns na h-Andes.

Anns an dàrna linn deug, chaidh stàit a stèidheachadh, Qusqu, le daoine a' bruidhinn Quechua mar chànan màthaireil. Trì linntean às dèidh sin, chaidh ìmpireachd a stèidheachadh leis an ainm Tawantinsuyu le sluagh ris an canar Inca, ainm tighearnan na h-ìmpireachd, le prìomh-bhaile ann an Cusco. Aig bàrr cumhachd na h-ìmpireachd, bha Quechua ga cleachdadh mar chànan oifigeil eadar Coloimbia mu dheas agus ceann a tuath na Sile.

Thàinig a' mhòr-chuid den ìmpireachd fo smachd nan Spàinnteach ann am 1533, ach mhair stàit neo-eisimeileach mun cuairt Willkapampa gu ruige 1572. Bha Quechua fhathast ga bruidhinn gu cumanta anns an dùthaich, fiù 's le cuid de na Spàinntich, gu sònraichte miseanaraidh dam b' ainm Domingo de Santo Tomás, leis an deach a' chiad leabhar fhoillseachadh ann an Quechua ann an 1560.[1]

Tha an cànan fhathast ga bruidhinn le milleanan de dhaoine ann an grunn dhùthchannan, ach a-nis ann an iomadh dualchainnt agus iomadh sluagh air an sgaradh bhuapa chèile, agus ann an suidheachadh far a bheil Spàinntis air a bhith na prìomh chànan fad linntean.

Litreachadh agus fuaimneachadh

[deasaich | deasaich an tùs]
  • A: /æ/
  • Ch: /tʃ/
  • E, I: chan eil diofar soilleir eatarra. Air an ràdh mar /ɪ/, ach mar /ɛ/ ri taobh nan connragan /q/, /qʼ/, agus /qʰ/.
  • H: ann am meadhan facail, mar /ʔ/, am fuaim a nithear le muinntir Glaschu anns an fhacal butter.
  • J: cha tèid a lorg aig toiseach facail, agus cha tèid a cleachdadh ach ann an Eacuador agus Boilibhia. Ann an meadhan no deireadh facail, mar /h/
  • K: /k/
  • K': /kʼ/
  • L: /l/
  • Ll: /ʎ/, mar ll caol anns a' Ghàidhlig
  • M: /m/
  • N: /n/
  • Ñ: /ɲ/, mar nn caol anns a' Ghàidhlig
  • O, U: mar an ceudna ri E, I, chan eil diofar soilleir eatarra. Air an ràdh mar /ʊ/, ach mar /ɔ/ ri taobh nan connragan /q//qʼ/, agus /qʰ/.
  • P: /p/
  • Q: /q/, fuaim bhon t-slugan nach tèid a lorg anns a' Ghàidhlig.
  • S: /s/, coltach ri s leathann anns a' Ghàidhlig
  • Sh: /ʃ/, mar s caol anns a' Ghàidhlig
  • T: /t/
  • W: /w/
  • Y: /j/

Tha beum an fhacail daonnan a' tuiteam air an dàrna lide bhon deireadh. Tha corra facal ann le beum air lide mu dheireadh, mar munaspá, ach ann an cùisean mar sin tha am facal air a giorrachadh.

Is e cànan cnuasadach a tha ann an Quechua, agus mar sin, is urrainnear faclan a chur ri chèile, fiù 's abairtean slàn, ann an aon fhacal, eu-coltach ri Gàidhlig far am feumar faclan a bhith fa leth.

Chan eil alt sam bith, mar an no na, ann an Quechua.

Tha an t-iolra air a chruthachadh leis an t-earball -kuna. Mar eisimpleir, sipas (caileag), sipaskuna (caileagan).

Riochdairean pearsanta

[deasaich | deasaich an tùs]
  • nok'a – mi
  • k'am – thu
  • pay – e no i
  • nok'aychis – sinn (mise/sinne agus tusa/sibhse)
  • nok'ayku – sinn (sinne às d' aonais no às ur n-aonais)
  • k'amkuna – sibh (a bharrachd air aon neach)
  • paykuna – iad

Riochdairean comharraidh

[deasaich | deasaich an tùs]
  • kay – seo
  • chay – sin
  • chak'ay – siud

Gnìomhairean

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha pearsachan a' ghnìomhair air an aontachadh leis na riochdairean pearsanta ann am foirmean giorraichte mar earball air a' ghnìomhair, coltach ri Gàidhlig na h-Èireann agus na cànanan Romansach.

Mar eisimpleir, leis a' ghnìomhair muna (gràdhaich)

  • munani – tha gràdh agam
  • nok'a munani – tha mi a' gràdhachadh
  • k'am munanqi – tha thu a' gràdhachadh
  • nok'anchis munanchis – tha sinn (còmhla) a' gràdhachadh
  • nok'ayku munayku – tha sinn (às d' aonais/às ur n-aonais) a' gràdhachadh
  • k'amkuna munanqichis – tha sibh a' gràdhachadh
  • paykuna munanku – tha iad a' gràdhachadh

Tha a h-uile gnìomhair ann an Quechua riaghailteach, ach anns a' mhodh neo-chrìochnach.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Omniglot

Cànan nan Incas le Garbhan MacAoidh, Gairm 88 td. 362-7, 1974.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]