Jump to content

Muralto

O Uicipeid
Muralto
Mapa Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Eilbheis
Roinn Eilbheiseach Ticino
Cànan Eadailtis
Co-chomharran 46° 10 24′ Tuath
08° 48 04′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 0.6 km²
Àireamh-shluaigh 2,769 (2010)
Dlùths 4,615/km²
Àireamh fòn + 41 91
Duilleag oifigeil http://www.muralto.ch

‘S e baile beag ann an ceann a deas na h-Eilbheis a th’ ann am Muralto (Lombard: Müralt). Tha an t-ainm a’ ciallachadh ballan àrda, bho dhà fhacal anns an Eadailtis: Muro (balla) agus Alto (àrd). Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1235 agus chaidh an caisteal a mhilleadh mu 1380.[1] Tha e suidhichte air iomall Locarno, aig 207m os cionn ìre na mara ri bruaich Loch Maggiore (Eadailtis: Lago Maggiore), anns an roinn (Eadailtis: Cantone) Ticino. Tha dìreach 2,769 duine a’ fuireach anns a’ bhaile.[2] ‘S e Eadailtis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Muralto.

Bhuineadh am baile gu Poblachd Rhodàinia bho 1802 gu ruige 1810. Chaochail Paul Klee an seo ann an 1940, Richard Martin Willstatter ann an 1942, Richard Klatz ann an 1968 agus Erich Fromm ann an 1980.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Diego Bianconi (1952): Dealbhadair.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Dictionnaire Historique de la Suisse
  2. Cunntas-sluaigh na Dùthcha

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]