Jump to content

Jerónimo de Mendoza Galavís

O Uicipeid
Jerónimo de Mendoza Galavís
Ceann-suidhe Choloimbia

28 dhen Ghiblean 1831 - 3 dhen Chèitean 1831
Rafael Urdaneta - Domingo Caycedo Santamaría
Beatha
Breith Bogotá, 11 dhen Ghearran 1773
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 17 dhen t-Sultain 1839
Foghlam
Foghlam Colegio Mayor de San Bartolomé (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd seirbheiseach catharra
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

B’ e Jerónimo De Mendoza Galavís (Bogotá, 11mh dhen Gearran de 1773 - Bogotá, 17 an t-Sultain 1839). neach-poileataigs à Coloimbia, a bha na cheann-suidhe na dùthcha bho 28mh an Giblean 1831 gu ruige 2 an Cèitean 1839 mar cheann-suidhe eadarach rè a’ chinneas aig Domingo Caycedo Santamaría.[1]

'S e a' chiad mhac dhen dàrna pòsadh a fhuair an Spàinnteach Jerónimo de Mendoza Hurtado, còmhla ri María Josefa Galavís Hurtado, a bh’ann.

Fhuair e a chuid fhoghlaim aig an sgoil San Bartolomé. Thoisich e a dh’obair mar Riaghailtear a’ Phuist ann an Santafé (Bogotá an latha an-diugh), ann uair sin na Riaghailtear na Alcabalas (cìs dhe 10% air bathair) ann an Girón, na bhreitheamh na deicheamhan (cìsean na h-eaglaise) ann an Roinn Vélez agus riaghladair a’ Chomhairle ann an Santafé ann an 1808 cuideachd.

Toiseach tòisichidh anns a’ phoileataigs

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha e an sàs anns na tachartasan dhen 20mh an t-Iuchar 1810 agus chuir e ainm gu Achd na Neo-eisimeileachd. Bha e na bhall Àrd Bhuidheann Riaghlaidh an Riaghaltais, Riaghailtear a’ Phuist ann an 1811. Chaidh e a thaghadh dhan Chomataidh Sgrùdaidh an Achd Feadarail dhe 1812, airson Caquetá. Fhuair e dìteadh phrìosain bhon an Riaghaltas Spàinnteach nuair a bha an dùthaich air ais fo bhuaidh na Spàinne. An dèidh sin bha e na Cheannard Coitcheann a’ Mhaoineachadh, Àrd-Eòlaiche-Cunntasan aig Cùirt na Cunntasan, Riochdaire Coitcheann a’ Mhaoineachadh (ann an Roinn a’ Phuist), riochdaire aig a’ Mhòr-dhàil agus na bhall airson Bhogotá aig a’ Cho-chruinneachadh Spaideal dhe 1830. ‘ S e Rùnaire a’ Mhaoineachaidh fon Sheanailear Rafael Urdaneta, Eòlaiche-Cunntasan agus Riochdaire an Taighe-Cùinnidh a bh’ann cuideachd.

Ceann-suidhe Choloimbia

[deasaich | deasaich an tùs]

Nuair a leig an ceann-suidhe Urdaneta a dreuchd, chaidh e a dh’ainmeachadh na cheann-suidhe eadarach na dùthcha, ris an canar Coloimbia Mhòr a-nis, an àite an leas ceann-suidhe Domingo Caycedo Santamaría.

Phòs e Inés Morales Fernández, agus an uair sin Manuela Tenorio Santacruz. Cha d' fhuair e clann ach bhon a' chiad pòsadh aige: Julián, José María, Marcelino, María Josefa agus Lorenzo De Mendoza Morales.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Jerónimo Gutiérrez De Mendoza y Galavís”. Enciclopedia del Red Cultural del Banco de la República. Banco de la República. Air a thogail 11mh dhen Ghearran 2019.