Jump to content

Feannag

O Uicipeid
feannag

Is e a tha ann an feannag, stiall uire de fearann ann an achadh, ann an cruth de torr ìsle fada, Anns an siostam àiteachas ris an chanar an mor-earran neo roinn-ruithe, cha bhiodh ach dha neo trì achaidhean mòra aig baile-fhearrann agus bhiodh gach achadh roinnte eadar geadan fada, ris an chanar feannagan. B’ e an modh àiteachais traidiseanta a bhi còmhnaidh a’ tionndadh an uir mu coinneamh meadhan na fheannagan agus as deidh bliadhnaichean mòra den àiteachas seo fhàs druman air na feannagaibh. Dh'fhag sin seòrsa claise drèanaidh eadarra. Chan eil an mòr earran ri lorg anns an latha an diugh ach ann am baile croitearachd neo dha. Tha eisimpleirean aig an Druim Buidhe agus a' Chomraidh ( ann an Ros an Iar) agus air Eilean Diura. Tha oirlinn de seann fheannagan agus an mòr-earrann ri fhaicinn cuideachd ann an iomadh àite. Mar eisimpleir anns an Eilean Sgitheanach air slèibhtean iochdar Beinn Thianabhaig.

Feannagan taomaidh

[deasaich | deasaich an tùs]

Is e an cruth fheannaig bu chumanta am feannag taomaidh Sònraichte ri fàs nam buntàta, dèanar iad le roinneadh an iomaire buntàta (lann nam buntàta) do stiallaibh 5 troigh anns an leud. Comharraichear an roinneadh air an talamh (a tha mar is trice fo fheòir ro-laimhe) le sreang sìnte, agus susar (gearrar) loidhne tro an fhòd air fad na sreanga le cas-dhireach (neo spaid). An uairsin cuibhrichear stiall, 3 troigh (0.9m) anns an leud sìos meadhan gach feannag le feumainn. As deidh sin, cleachdar cas-chrom (neo spaid) a thionndaich ploc, troigh (0.3m) anns an leud thairis air an fheumainn, gach taobh den loidhne susaidh. Mar sin bithidh torran uire, troigh anns an leud air gach taobh den fheannag, agus eadar an da torran stiall fheumainn, ris an canar an taomadh. Eadar na feannagan, a tha 0.9m anns an leud, tha claisean 0.6m anns an leud. Cuirear pòr buntàta,le pleadhag. mar is tric aig astar de 15 òirlich (0.4m) eadar am pòr air fad an fheannag. Far a bheil na feannagan air an togail air uir mòna, faodaidh do na claisean eadar na feannagan a bhi suas ri 0.6m anns an domhainn.