Emmanuel Mané-Katz
Emmanuel Mané-Katz | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Kremenchuk, 17 dhen Ògmhios 1894 |
Dùthaich |
An Fhraing Iosrael |
Ciad chànan | Ruisis |
Bàs | Tel Aviv, 8 dhen t-Sultain 1962 |
Àite-adhlacaidh | Hof HaCarmel Cemetery (Haifa, Israel) (en) |
Foghlam | |
Foghlam | Beaux-Arts de Paris (en) |
Cànain | Ruisis |
Dreuchd | |
Dreuchd | peantair |
Gluasad | Eas-preiseanas |
Gnè ealain | portrait (en) |
mane-katz.com |
B' e peantair eas-prèiseanasach agus neach-teagaisg Ucràineach/Fraingeach/Iosraeleach a dhèanadh fòcas air beatha nan Iùdhach san Shtetl a bh' ann an Emmanuel Mané-Katz (Fìor ainm: Mane Leyzerovich Kats, Ucràinis: Кац Мань Лейзерович, Eabhra: מאנה כץ, Kremenchuk, 5 an t-Ògmhios 1894 - Tel Aviv, 8 an t-Sultain 1962).[1] Bhuinneadh e do theaghlach traidiseanta Iùdhach Litvak: bha athair na chamach ann an sionagog agus bhathar an dùil gum biodh Mané-Katz na rabbi.[2] Fhuair e a chuid foghlaim aig sgoiltean-ealaine ann an Vilnius, Myrhorod, Kyiv, Sankt Peterburg agus Paris. Bha e cuideachd na neach-teagaisg ealain ann an Kharkiv. Thug e pàirt ann an thaisbeanaidhean ann an Sankt Peterburg, Kharkiv, Rostov na Donu agus Tbilisi. Thill e dhan Fhraing an dèidh A' Cogaidh Mhòire far an robh e an sàs ann an cearcall luchd-ealaine Iùdhaich, còmhla ri Amedeo Modigliani agus Chaim Soutine, fo sgàile École de Paris. Chuir e seachad a bheatha a' fuireach agus ag obair ann am Paris, ach dheidheadh e gu Iosrael gach uile bliadhna agus 's ann ann an Haifa far a bheil an taigh-tasgaidh Mané-Katz.[3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Maximilien Gauthier: Mané-Katz. Les Germeaux, Paris, 1958.
- ↑ JID.
- ↑ Alfred Werner: Mané-Katz. Massadah Publishing, Tel-Aviv, 1970, ISBN 0-902291-37-8