Bad Urach
Bad Urach
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Reutlingen | ||||
Sgìre | Baden-Württemberg | ||||
Co-chomharran | 48° 30' Tuath 09° 24' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 55.50 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 11,862 (2013) | ||||
Dlùths | 213.73/km² | ||||
Àireamh fòn | 07381 agus 07125 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
‘S e baile ann an ceann a deas na Gearmailte a th’ ann am Bad Urach. Tha e suidhichte aig 463m os cionn ìre na mara ri taobh na h-aibhne Elms, anns na Beanntan Jura, anns an stàit Baden-Württemberg, 530km air falbh bho Bherlin, 111km bho Augsburg, 45km bho Ulm agus 36km bho Stuttgart.[1] ‘S ann leis an sgìre Reutlingen a tha am baile agus tha 11,862[2] duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar air fuighealan a lorg a sheallas gu robh daoine a' fuireach san àite seo ri Linn na Cloiche mar-thà. B' e treubhan Gearmailteach air an robh na h-Alamanii a thug seilbh air an àite ri linn nan Ròmanach ach chaidh caisteal a thogail an seo mu 1025, ris an canadh Hohenurach. Chaidh am baile a thoirt a-steach do Dhiùcachd Württemberg mu 1260.[3] Bha e na prìomh-bhaile na Dhiùcachd eadar 1442 agus 1482. Chaochail an sgrìobhadair Nikodemus Frischlin an seo ann an 1590.[4] Chaidh ainm a' bhaile-spatha seo atharrachadh bho Urach gu Bad Urach ann an 1983.
Bailtean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Luftlinie
- ↑ Statistik Baden-Württemberg
- ↑ Bad Urach Turismus
- ↑ Burgenwelt
- ↑ “Partnerstadt Enying” (Gearmailtis). Baile Bhad Urach. Air a thogail 14mh dhen t-Samhain 2020.