Alan Turing
Alan Mathison Turing (23 an t-Ògmhios 1912 - 7 an t-Ògmhios 1954), dh'aithnichear mar “athair” coimpiutairean digiteach. B' e neach-matamataig agus eòlaiche choimpiutairean a bh' ann. Leasaich e an smaoin air Inneal Turing, siostam nan riaghailtean agus nan coir, ann an 1936. Chruthaich e an Deuchainn Turing, nuair a tha coimpiutair a' feuchainn nochdadh mar duine ri duine. Air feadh an Dàrna Cogadh b' e còd-cnacair a bh' ann an Turing. Dh'obair e aig Pàirc Bletchley ann an Sasainn agus bhrist e an Inneal Enigma aig na Gearmailtiche.
Thug coimhearsnachd agus riaghaltas Bhreatainn droch cheann do Thuring air sgath 's gu bheil e co-sheòrsachd. Ann an 1952, chiontaich e airson cleamhnas a dhèanamh le fear. Bha roghainn aige eadar prìosan no spoth ceimigeach. Thagh e spoth. B' e buaidh an spoth neo-chomas agus dh'fhàs uchdan air. As dèidh dà bhliadhna a' fuireach leis na buaidhean sin, thug Turing ùthachd dha fhèin. Ann an 2009, ghabh Prìomh Mhinistear na Breatainne, Gordon Brown, a leisgeul ri teaghlach Turing airson a làimhseachadh.[1]
Logh Policing and Crime Act 2017 a h-uile duine a chiontaich fon aon coire—"gross indecency"—mar Turing ann an Sasainn is Cuimrigh. Chanar "Lagh Alan Thuring" gu tric, ged a bha Turing na dhaoine as ainmeil a bha fon coire seo.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ PM Apology After Turing Petition
- ↑ "Policing and Crime Act". gov.uk. Retrieved 2 February 2017.