Jump to content

Málaga (provincia)

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 11:23, 19 dhen Chèitean 2023 le InternetArchiveBot (deasbaireachd | mùthaidhean) (Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.4)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Málaga
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Málaga
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 7,308 km²
Àireamh-shluaigh 1,625,827 (2014)
Dlùths 222.47/km²
Àireamh fòn + (95)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann am Málaga (IPA: malaɣa). Tha e na laighe ann an Andalusia, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Málaga a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Córdoba fad 7,308km²[3] agus tha 1,625,827 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 35mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an siathamh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Cádiz, Córdoba, Granada agus Sevilla.[5] 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre idir soilleir. Tha a h-uile coltas ann gur ann à m-l-k (Gàidhlig: Rìgh, riaghladh no rìoghachd) ann am Foinìsis a th’ ann an t-aimn.[6] A bharrachd air sin, b’ ann à Tyros a bh’ ann na luchd-in-imrich sin agus b’ e Melqart (Dia a’ bhaile) a bhìte ag adhardh an sin.[7] Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à mlh (Gàidhlig: Salainn) no mlgh (tionndaidh) a tha e oir thathar air lorgan obair-mheatailt fhaighinn an seo. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn. Sgrìobhadh قرطبة ann an Arabais, a thug Córdoba dhuinn an latha an-diugh.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Ramírez y de las Casa-Deza, Luis María, 1867, Indicador cordobés, ó sea Manual histórico-topográfico de la ciudad de Córdoba, Imprenta, librería y litografía del Diario de Córdoba
  7. Rodríguez Oliva, Pedro (2007). Historia de Málaga. Málaga en la antigüedad. Prensa Malagueña S.A.