Jump to content

Ibagué

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 00:56, 30 dhen t-Sultain 2022 le InternetArchiveBot (deasbaireachd | mùthaidhean) (Rescuing 1 sources and tagging 1 as dead.) #IABot (v2.0.9.2)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Ibagué
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Tolima
Sgìre Cordillera Andina
Àirde 1285m
Co-chomharran 04° 26' 20' Tuath
75° 13' 55' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,498 km²
Àireamh-shluaigh 498,401 (2005)
Dlùths 332.71/km²
Duilleag oifigeil Comhairle Ibagué

‘S e prìomh-bhaile na roinne Tolima, ann an Coloimbia,[1] a th’ann Ibagué, neo San Bonifacio de Ibagué.[2] Tha e suidhichte aig 1,285m os cionn ìre na mara ann am meadhan na dùthcha ris taobh na h-aibhne Combeima, 179km air falbh bho Bhogotá.[3] Tha teodhachd meadhan dhe 24° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1551 anns an sgìre ris an canar an Sliabh Meadhanach (Spàinntis: La Cordillera Central), ann an gleann mòr anns na h-Andes. Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math crochte air an àiteachas, a bharrachd air sreath fhada dhe gnìomhachasan eile, gnothaichean a’ chofaidh agus a’ chruidh mam measg. Tha àireamh-shluaigh dhe 498,401 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.[4] 'S e Ibagué an 9mh baile as motha na dùthcha[5] agus an 125mh baile as motha ann an Aimearaga-Laideannach[6] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1550.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chruthachadh na Spàinntich ainmean-àite le freumhan anns na creideamhan aca neo mar chuimhne air àiteachan agus daoine ainmeil thall anns an Spàinn: m.e. Sante Fe de Bogotá, Santa Marta agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige mar chuimhne air Naomh Boniface,[7] neo Bonifacio ann an Spàinntis. Thathar a' creidsinn gur e ainm Muisca a th'ann an eileamaid Ibagué air sàilleabh gu bheil e suidhichte ann an sgìre far a bheil tòrr ainmean-àite Muisca agus leis gu bheil an sràc a' tighinn aig dheireadh an fhacail.[8]

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 498,401 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 29,754 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[9] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid nan daoine ann an Ibagué, ach tha 0.7% dhe Tùsanaich agus 1.2% air a bheil freumhan ann an Afraga ann. 'S urrainn do 92.6% nan daoine ann an Ibagué leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 69.8% nan dachannan.[10]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Ibagué. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast,[11] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Ibagué

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Encyclopedia Britannica[dead link]
  3. Invias
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Bailtean as motha na dùthcha
  6. Mongabay
  7. St Boniface
  8. Pabellón con Baranda
  9. Cololmbia Virtual
  10. Bileag fhiosrachaidh DANE
  11. Country Studies: Colombia