Ibagué
Ibagué
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Tolima | ||||
Sgìre | Cordillera Andina | ||||
Àirde | 1285m | ||||
Co-chomharran | 04° 26' 20' Tuath 75° 13' 55' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,498 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 498,401 (2005) | ||||
Dlùths | 332.71/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle Ibagué |
‘S e prìomh-bhaile na roinne Tolima, ann an Coloimbia,[1] a th’ann Ibagué, neo San Bonifacio de Ibagué.[2] Tha e suidhichte aig àirde dhe 1,285m os cionn ìre na mara ann am meadhan na dùthcha ris taobh na h-aibhne Combeima aig astar dhe 179km bho Bhogotá.[3] Tha teodhachd meadhan dhe 24° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1551 anns an sgìre ris an canar an Sliabh Meadhanach (Spàinntis: La Cordillera Central), ann an gleann mòr anns na h-Andes. Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math crochte air an àiteachas, a bharrachd air sreath fhada dhe gnìomhachasan eile, gnothaichean a’ chofaidh agus a’ chruidh mam measg. Tha àireamh-sluaigh-sluaigh dhe 498,401 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.[4] 'S e Ibagué an 9mh baile as motha na dùthcha.[5]
Freumhan an Ainm
Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chruthachadh na Spàinntich ainmean-àite le freumhan anns na creideamhan aca neo mar chuimhne air àiteachan agus daoine ainmeil thall anns an Spàinn: m.e. Sante Fe de Bogotá, Santa Marta agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige mar chuimhne air Naomh Boniface,[6] neo Bonifacio ann an Spàinntis. Thathar a' creidsinn gur e ainm Muisca a th'ann an eileamaid Ibagué air sàilleabh gu bheil e suidhichte ann an sgìre far a bheil tòrr ainmean-àite Muisca agus leis gu bheil an sràc a' tighinn aig dheireadh an fhacail.[7]
Sluagh a' bhaile
Ged a tha 498,401 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 29,754 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[8] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Ibagué, ach tha 0.7% dhe Tùsanaich 1.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 92.6% dhe na daoine ann an Ibagué leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 69.8% dhe na dachannan.[9]
Fèisean
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Ibagué. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[10] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Daoine Ainmeil
Deogracias Fonseca (1908 - 2006): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1957 agus 1958
Gabriel París Gordillo (1910 - 2008): Ceann suidhe na dùthcha eadar 1957 agus 1958.
Ceanglaichean A-mach
Iomraidhean
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Encyclopedia Britannica
- ↑ Invias
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Bailtean as motha na dùthcha
- ↑ Catholic Online
- ↑ Pabellón con Baranda
- ↑ Cololmbia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia
Arauca • Armenia • Barranquilla • Bogotá • Bucaramanga • Cartagena • Cali • Cúcuta • Florencia • Ibagué • Inírida • Leticia • Manizales • Medellín • Mocoa • Montería • Mitú • Neiva • Pasto • Pereira • Popayán • Puerto Carreño • Quibdó • Riohacha • San Andrés • San José del Guaviare • Santa Marta • Sincelejo • Tunja • Valledupar • Villavicencio • Yopal