Tobias Michel Karel Asser
B' e fear-poileataigs, fear-lagha agus riochdaire dioplòmasach às Na Tìrean Ìsle a bh' ann an Tobias Michel Karel Asser (IPA: toːbiɑs miˈʃɛl ˈkaːrəl ˈɑsər, Amsterdam, 28 an Giblean, 1838–Den Haag, 20 an t-Iuchar 1913).[1] B' e mac Carel Daniel Asser (1813–1885) agus Rosette Godefroi (1816–1892) à bhuineadh dha choimhearsnachd Iùdhach à Amsterdam. Thug Asser ceum ann an lagh aig Oilthigh Amsterdam agus choilean e a chuid fhoghlaim aig Oilthigh Leiden. A bharrachd air sin bha e na ollamh aig Oilthigh Leiden fad deicheadan. Phòs e aig a bhean, Johanna Ernestine Asser, ann an 1864 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha.[2] Bhuannaich e an Duais Nobel airson Sìthe ann an 1911 còmhla ri Alfred Hermann Fried airson an cuid obrach air a' Chùirt-eadraiginn mhaireannach (Fraingis: Cour permanente d'arbitrage).[3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Huygens
- ↑ Biografischportaal
- ↑ “Tobias Asser - Facts”. Nobel Media AB. Air a thogail 12mh dhen Fhaoilleach 2019.