Jump to content

Edward Said

O Uicipeid
Edward Said
Beatha
Breith Ierusalem, 1 dhen t-Samhain 1935
Dùthaich  Na Stàitean Aonaichte
Mandat na Palastain
Bàs Eabhraig Nuadh, 25 dhen t-Sultain 2003
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (bànachadh-fala)
Teaghlach
Cèile Mariam C. Said (en) Translate
Maire Jaanus (en) Translate  (1962 -  1970)
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Harvard
Victoria College (en) Translate
Northfield Mount Hermon School (en) Translate
Oilthigh Princeton
St. George's School, Jerusalem (en) Translate
Cànain Arabais
Beurla
The Aevantine Arabic (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, breithniche litreachais, neach-naidheachd, feallsanaiche, eòlaiche-ciùil, neach-saidheans poileataigeach, eadar-theangair agus rannsaichear
Àitichean-obrach Eabhraig Nuadh agus Cairo
Fastaichean Oilthigh Cholumbia
Obraichean comharraichte Orientalism
Duaisean a fhuaras
Buaidh Michel Foucault agus Jean-Paul Sartre
Ballrachd Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
Acadamh Aimeireaganach nan Ealan is nan Litir
Arab Academy of Damascus (en) Translate
IMDb nm0756429

B' e sgoilear Palastaineach a bh’ ann an Edward Wadi Said a rugadh ann an Ierusalam air 1 an t-Samhain 1935 nuair a bha Palastain fo smachd Ìompaireachd Bhreatainn. Ged a b’ e Crìosdaidhean a bhuineadh dha Eaglais Shasainn (Easbaigeachas) a bha san teaghlach aige, thuirt Said ma dheidhinn fhèin gur e “Crìosdaidh còmhdaichte ann an cultar Muslamach” a bh’ ann dheth. Chuir e seachad a' chuid bu mhotha de bhliadhnaichean fhìor òigridh ann an sgoiltean Ierusalam, ach an dèidh a' chogaidh eadar na h-Iùdhaich agus na h-Arabaich ann an 1948 ghluais e fhèin agus a theaghlach gu Cairo far an robh bùth aig athair. An dèidh dha a bhith a' frithealadh àrd-sgoil ainmeil anns an Èipheit, chuir e crìoch air a chuid foghlaim anns na Stàitean Aonaichte aig Oilthigh Phrinceton agus Oilthigh Harvard; agus an dèidh greis fhuair e dreuchd mar ollamh ann an litreachas na Beurla aig Oilthigh Cholumbia ann an New York. Bhiodh e gu tric a' càineadh poileasaidhean stàit Iosrael is e a' toirt taic do mhuinntir Phalastain. Tha e ainmeil airson an leabhair 'Orientalism' a sgrìobh e mu bhuaidh ìompaireachdan na Roinn-Eòrpa air seallaidhean an luchd-ealain Eòrpaich mu choinneamh coimhearsnachdan, cànanan is cultar an Ear-Mheadhanaich is Àisia a Deas. Cho math ri bhith na sgoilear cliùiteach a thaobh litreachais, bha Said cuideachd na neach-ciùil gu math ealanta air a' phiàno. An dèidh dha a bhith a' fulang le aillse airson còrr is deich bliadhna, fhuair e bàs air 25 an t-Sultain 2003.

Aistean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]