Jump to content

Contae Laoise

O Uicipeid
Contae Laoise
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Laighean
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,720 km²
Àireamh-shluaigh 80,559 ()
Dlùths 46.84/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Laoise[1] (tuiseal ainmneach: Laois,[2] Laideann: Comitatus Licensis). Tha e suidhichte ann an teas-mheadhan na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 80,559 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,720km²,[3] an 22 siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 23 a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Laoise le Tiobraid Árann, Uíbh Fhailí, Cill Dara, Ceatharlach agus Cill Chainnigh.[4] Bha 153,930 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Ard Èireann (527m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6] Chaidh Contae Laoise a chruthachadh ann an 1556.[7]

Sgìrean Ionadail

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha aon baranachd deug (Gaeilge: barúntacht) am broinn na Laoise: Baile Ádaim, Clann Donnchadha, Clár Maí Locha, Cuileannach, Port Laoise Thiar, Port Laoise Thoir, Port na hInse, Sliabh Mairge, An Sráidbhaile, Tigh na hInse agus An Choill Uachtarach. A bharrachd air sin, tha 53 parraistean[8] (ann an ceithir sgìreachdan-easpaig: Cill Ala, Átha Cliath, Osraí agus Cill Dara-Leithghlinne)[9] agus 1,162 bailtean fearainn sa chontae.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Statoids
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Cenus of Britain 1841
  6. Peakbagger
  7. Irish Facts
  8. Irish Times
  9. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann