Köln
Köln
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Nordrhein-Westfalen | ||||
Sgìre | Köln | ||||
Co-chomharran | 50° 57' Tuath 06° 58' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 405.15 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 998,105 (2009) | ||||
Dlùths | 2,463.54/km² | ||||
Àireamh fòn | + 49 221 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.stadt-koeln.de/ |
‘S e mòr-bhaile air an àirde an iar-thuath na Gearmailte a th’ ann an Köln (Kölsch: Kölle, Cuimris: Cwlen, Beurla/Fraingis: Cologne, Duitsis: Keulen, Laideann: Colonia Agrippina). Tha e suidhichte aig 46m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na na h-Aibhne Rhein,[2] faisg air Bonn, anns an sgìre Köln fhèin, 34km air falbh bho Düsseldorf, 222km bho Hamburg agus 478km bho Bherlin, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Chaidh Köln a stèidheachadh ann am 38 R. C. leis na Ubii. Tha 998,105 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[4], an 4mh baile as motha na dùthcha.[5]
Dual-chainntean
deasaichTha Kölsch, dual-chainnt a' bhaile, gu math làidir fhathast. Tha i ga bruidhinn le timcheall air 250,000 neach-labhairt, 's e sin gu bhith ¼ de mhuinntir Khöln. Tha ceangal ann eadar cànan agus cultar a' bhaile, gu h-àraidh aig àm Càrnabhail. Aig an àm seo den bhliadhna cleachdar Kölsch anns na h-òrain is anns na h-òraidean agus cluinnear i anns na sràidean agus aig na fèisean.
Foghlam
deasaichTha 11 oilthighean agus colaistean ann an Köln, ach 's e Oilthigh Chologne an t-oilthigh as motha agus aon de na oilthighean as sìne a tha anns a' Ghearmailt. Chaidh a stèidheachadh ann an 1388 aig àm Iompaireachd Naoimh nan Ròmanach.
Daoine Ainmeil
deasaich- Iulia Agrippa: Màthair Nero.
- Albertus Magnus, manach agus neach-feallsanachd Gearmailteach
- Jacques Offenbach: (1819 – 1880) Cumadair-ciuil.
- Jan von Werth: (1591 - 1692) Seanailear.
- Konrad Adenauer: (1876 – 1977) Ceann-suidhe na Gearmailte eadar 1949 agus 1963.
- Heinrich Böll: (1917 – 1985) Sgrìobhadair a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1972.
- Carl Bosch: (1972 – 1940) Ceimigear.
Bailtean Co-cheangailte
deasaich
|