Ásgeir Ásgeirsson
B' e bancair, diadhair agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Ásgeir Ásgeirsson (IPA: ˈausceir̥ ˈausceir̥sɔn).[1] Rugadh e air 13 an Cèitean 1894 ann an Kóranesi á Mýrum (Vesturland).[2] Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn á Mýrum, Oilthigh Innis Tìle, Oilthigh Copenhagen, Oilthigh Uppsala agus Oilthigh Dhùn Èideann ach b' ann à Oilthigh Manitoba a fhuair e a dhotaireachd. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1923 agus bha e na labhraiche eadar 1930 agus 1931. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 1932 gu ruige 1934 às leth Framsóknarflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Adhartach). Dh'fhàg e am pàrtaidh seo ann an 1934 agus, mu dheireadh thall, dh'aontaich e ri Alþýðuflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Sòisealta Deamocratach). Fad 16 bliadhna, eadar 1952 agus 1968, b' e gu robh e na fhorseti (Gàidhlig: ceann-suidhe), an dèidh gun do ghabh an dùthaich ris a' phoblachd ann an 1944.[3] Phòs e aig Dóra Þórhallsdóttir ann an (1917).[4] Bha athair Þórhallsdóttir na easbaig agus bha a bràthair, Tryggvi Þórhallsson, na fhorsætisráðherra airson Framsóknarflokkurinn bho 1927 gu ruige 1932. Bha chliamhainn Ásgeirsson, air an robh Gunnar Thoroddsen, na fhorsætisráðherra airson Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd) eadar 1980 agus 1983. Chaochail e ann an Reykjavík air 15 an t-Sultain 1972.
Caibineit Ásgeirsson
deasaichSeo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineitean fhad 's a bha Ásgeirsson os cionn an riaghaltais.[5] Bhuinneadh ias uile gu Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:
- Ásgeir Ásgeirsson: Prìomhaire agus Ministear an Ionmhais
- Magnús Guðmundsson: (bho 14.11.1932 agus an dèidh 23.12.1932) Ceartas
- Þorsteinn Briem: Cosnadh
- Ólafur Tryggvason Thors: (bho 14.11.1932 gu ruige 23.12.1932) Ceartas
Ro-theachdair: Tryggvi Þórhallsson (1932) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Guðmundur Emil Jónsson (1934) |
Taghaidh dhan Cheannas
deasaichChaidh a thaghadh dhan cheannas ceithir tursan. Seo na torridhean a fhuair e:
Bliadhna | Bhòtaichean | % |
---|---|---|
1952 | 32,924[6] | 48.3% |
1956 | Cha do sheas duine sam bi na aghaidh | |
1960 | Cha do sheas duine sam bi na aghaidh | |
1964 | Cha do sheas duine sam bi na aghaidh |
Prìomh-mhinistearan fo Ásgeirsson
deasaichBha Ásgeirsson na cheann-suidhe fad sia biadhna deug agus bha ceathrar prìomh-mhinistear, a riochdachadh trì pàrtaidhean fodha fad 's a bha e san dreuchd, mar a leanas:
Ro-theachdair: Sveinn Björnsson (1952) |
Forseti Íslands |
Neach-ionlaid: Kristján Eldjárn (1968) |